Lìonra sòisealta nach gabh a reic
Bu chòir na tha cudromach dhut-sa nochdadh ’nad dhachaigh seach na tha corporaid dhen bheachd gum bu chòir dhut fhaicinn. Seo meadhanan sòisealta gu tur diofraichte, air ais ann an làmhan an t-sluaigh.
Cùm smachd air an loidhne-ama agad
Chan eil duine sam bith nas eòlaiche air na bu mhiann leat fhaicinn air do dhachaigh na thu fhèin. Cha chaith algairim no sanasachd d’ ùine. Lean duine sam bith air frithealaiche Mastodon sam bith on aon chunntas agus faigh na postaichean aca ann an òrdugh na h-ama agus cuir dreach nas pearsanta air an oisean agad-sa dhen eadar-lìon.
Barrachd fiosrachaidhStèidhich d’ èisteachd le misneachd
Bheir Mastodon comas sònraichte dhut gun stiùirich thu d’ èisteachd gun eadar-mheadhanaich. Ma ruitheas tu Mastodon air a’ bhun-structar agad fhèin, ’s urrainn dhut frithealaiche Mastodon sam bith a leantainn air loidhne ’s an caochladh agus cha bhi smachd aig duine sam bith air ach agad fhèin.
Barrachd fiosrachaidhMaorsainneachd mar gu chòir
Cuiridh Mastodon na co-dhùnaidhean ’nad làmhan fhèin. Cruthaichidh gach frithealaiche na riaghailtean aige fhèin a thèid a chur an gnìomh gu h-ionadail seach on àirde mar a thachras air meadhanan sòisealta corporra agus mar sin dheth, ’s urrainnear freagairt gu sùbailte do dh’fheumalachdan choimhearsnachdan eadar-dhealaichte. Faigh ballrachd air frithealaiche far a bheil thu ag aontachadh ris na riaghailtean ann no òstaich fear agad fhèin.
Lorg frithealaicheCho cruthachail ’s a ghabhas
Cuiridh Mastodon taic ri postaichean le faidhlichean fuaime, videothan is dealbhan, tuairisgeulan so-ruigsinneachd, cunntasan-bheachd, rabhaidhean susbainte, avataran beòthaichte, emojis gnàthaichte, smachd air bearradh nan dealbhagan is mòran a bharrachd ach an cuir thu do bheachdan an cèill air loidhne. Ge b’ e a bheil thu a’ foillseachadh an obair-ealain, an ceòl no am pod-chraoladh agad, tha Mastodon ri làimh dhut.
Barrachd fiosrachaidhCarson a chleachdainn Mastodon?
Na tha ar luchd-cleachdaidh ag ràdh
Neo-eisimeileach gu bràth
’S e bathar-bog saor ’s an-asgaidh a tha ’ga leasachadh le buidheann neo-phrothaideach a th’ ann am Mastodon. Cumaidh taic phoblach suas an leasachadh ’s dealbhadh.
Taic le
Sponsorship does not equal influence. Mastodon is fully independent.