Skip to main content

Frithealaichean

Chan e aon làrach-lìn a-mhàin a th’ ann am Mastodon. Gus a chleachdadh, feumaidh tu cunntas a chlàradh le solaraiche – ’s e frithealaichean a th’ againn orra – a leigeas leat ceangal a dhèanamh le daoine eile air feadh Mhastodon.

Tha toiseach-tòiseachaidh le Mastodon furasta

Frithealaichean

An toiseach, tagh am frithealaiche air am bu mhiann leat an cunntas agad a chruthachadh. Tha gach frithealaiche ’ga ruith le buidheann no neach gu neo-eisimeileach agus tha poileasaidhean maorsainneachd eadar-dhealaichte aca.

Do dhachaigh fhèin

Le cunntas air an fhrithealaiche agad, ’s urrainn dhut neach sam bith a th’ air an lìonra a leantainn, ge b’ e càit a bheil an cunntas aca-san ’ga òstadh. Chì thu na postaichean aca ’nad dhachaigh agus ma leanas iad-san thu, chì iad na postaichean agad ’nan dachaigh fhèin.

Sùbailte

An do lorg thu frithealaiche a b’ fheàrr leat? Le Mastodon, ’s urrainn dhut a’ phròifil agad imrich gu frithealaiche eile gun duilgheadas uair sam bith ’s gun a bhith a’ call luchd-leantainn sam bith. Ma tha thu airson làn-smachd fhaighinn, ’s urrainn dhut frithealaiche a chruthachadh dhut fhèin.

Sàbhailte dhan a h-uile duine

Chan eil smachd againn fhìn air na frithealaichean ach tha smachd againn air na bhrosnaicheas sinn air an duilleag seo. Cha tomh am buidheann seo thu ach gu frithealaichean aig a bheil dealas do mhaorsainneachd an aghaidh gràin-chinnidh, gnèitheachas is oillt thar-ghnèitheach.

Sàbhailteachd

Tha dealas aig a h-uile frithealaiche air an liosta seo dhan Mastodon Server Covenant.

Roinn-dùthcha

Far a bheil an solaraiche stèidhichte fon lagh.

Cuspair

Tha cuid a sholaraichean ag amas air cunntasan òstadh do choimhearsnachdan sònraichte.

Slàinte an lìonraidh